Tha º¬Ð߲ݴ«Ã½ a Tuath, an Iar is Innse Gall air co-chomhairleachadh poblach air a’ chiad dreach Phlana Cànain aca fhosgladh
Thathar a’ toirt cuireadh don phoball beachdan mu dhreach Phlana Cànain 2023-2028 a chur a-steach.
Thèid cnuasachadh air na beachdan sin mus tèid an dreach deireannach a chur air adhart gu Bòrd na Gàidhlig airson dearbhaidh.
Chaidh am Plana ullachadh taobh a-staigh frèam Achd na Gàidhlig 2005.
Tha º¬Ð߲ݴ«Ã½ TIIG air a bhith ag obair le Bòrd na Gàidhlig gus Prìomhachasan Ro-innleachdach a’ Phlana a stèidheachadh. Tha iad seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur ri cothroman ionnsachadh agus cleachdadh na cànain agus a bhith a’ brosnachadh deagh ìomhaigh den Ghàidhlig.
Bidh an co-chomhairleachadh a’ dùnadh an ceann sia seachdainean air Dihaoine 31 Cèitean.
Thuirt Lydia Rohmer, Prionnsabal agus Ceannard º¬Ð߲ݴ«Ã½ a Tuath, an Iar is Innse Gall
“Tha an dùmhlachd as àirde de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba san roinn againn agus mar aon de na colaistean as motha ann an º¬Ð߲ݴ«Ã½, com-pàirteachas roinneil agus foghlaim adhartaich, a tha a’ riochdachadh Innse Gall, na Gàidhealtachd an Iar agus na Gàidhealtachd a Tuath, tha sinn ag aithneachadh a’ phàirt chudromach as urrainn dhuinn a chluich ann a bhith a’ brosnachadh cudromachd na Gàidhlig chan ann a-mhàin mar phàirt de dhualchas cànanach is cultarach ar coimhearsnachdan ach cuideachd mar dhràibhear fàs eaconamach agus gnìomhachd.
“Tha Gàidhlig na cuspair spèisealachaidh ann an º¬Ð߲ݴ«Ã½ a Tuath, an Iar is Innse Gall, agus mar roinn curraicealaim a tha sinn airson fàs. Mar sin, bithear a’ cur gu mòr ri Plana Cànain º¬Ð߲ݴ«Ã½ agus ri ro-innleachd Gàidhlig airson na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bithear cuideachd ag obair a dh’ionnsaidh inbhe na Gàidhlig a thogail taobh a-staigh ar colaiste.”
Tha prìomhachasan a’ Phlana a’ gabhail a-steach a bhith ag àrdachadh an àireamh de dhaoine a tha a’ clàradh air cùrsaichean cànain, a’ Ghàidhlig a leasachadh mar so-mhaoin coimhearsnachd agus meudachadh a thoirt air an àireamh a tha a’ clàradh air teisteanasan foghlam thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig.
Airson am plana fhaicinn agus beachdan a chur a-steach thigibh gu Plana Cànain 2023-2028